4,00 €
inkl. MwSt.
Sofort per Download lieferbar
  • Format: ePub

Tha Angela NicilleDhuinn air seann leabhar a lorg – leabhar a bhuineadh do Dhaibhidh Brewster, an neach-saidheans Albannach a chruthaich an cailèideascop. Tha i air a chleachdadh gus ionnsramaid ùr nodha a chruthachadh, a tha a' dèanamh follaiseach na ceanglaichean brèagha eadar gach nì – agus gach duine – anns an t-saoghal. Ach, tha muinntir eile air tòir an fhiosrachaidh seo cuideachd, agus tha Angela a-nist ga faighinn fhèin ann an cunnart cho mòr gu bheil ceist oirre – am b' urrainn dhi fuireach ann an Alba? Dà cheud bliadhna às dèidh nan làithean nuair a bha Angela beò, tha…mehr

Produktbeschreibung
Tha Angela NicilleDhuinn air seann leabhar a lorg – leabhar a bhuineadh do Dhaibhidh Brewster, an neach-saidheans Albannach a chruthaich an cailèideascop. Tha i air a chleachdadh gus ionnsramaid ùr nodha a chruthachadh, a tha a' dèanamh follaiseach na ceanglaichean brèagha eadar gach nì – agus gach duine – anns an t-saoghal. Ach, tha muinntir eile air tòir an fhiosrachaidh seo cuideachd, agus tha Angela a-nist ga faighinn fhèin ann an cunnart cho mòr gu bheil ceist oirre – am b' urrainn dhi fuireach ann an Alba? Dà cheud bliadhna às dèidh nan làithean nuair a bha Angela beò, tha eachdraiche òg air lorg fhaighinn air an sgeulachd aice. Agus le taic bho charaid àraid – a tha cracte air nobhailean mu dhèidhinn seann luchd- rannsachaidh prìobhaideach – tha i a' faighinn sealladh às ùr air ciamar a thàinig an cinne-daonna tro sgrios, cogadh, agus ùpraid, gu beatha shaor, bheairteach, far a bheil daoine a' dèanamh deiseil gus siubhal do na speuran. Tha Daibhidh Eyre air sgeulachd ghleusta is shiùbhlach a chruthachadh, a tha a' tòiseachadh am measg ath-bheothachadh na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, agus a' crìochnachadh anns na speuran. Turas thar-labhairt.